Marlon muebeitoa yu ajue beisie.

Marlon muebeitoa yu ajue beisie.
Let's learn a foreign language!

segunda-feira, 25 de agosto de 2008

Um textinho em Gaélico Escocês

An so leanaidh an Laoidh-Dhiann no an Athchuinge Choitchionn r’a seinn no r’a ràdh an déigh Urnuigh Mhaidne air Di-dòmhnaichibh, air Di-ciaduinibh, agus air Di-h-aoinibh, agus air àmaibh eile, an uair a dh’ orduichear e leis an Ard-Fhear-ùghdarrais.
O ‘Dhé an t-Athair nèamhaidh: dean tròcair oirnn peacaich thruagha. O ’Dhéan t-Athair nèamhhaidh: dean tròcair oirnn peacaich thruagha. O ‘Dhé am Mac, Fear-saoradh an t-saoghail: dean tròcair oirnn peacaich thruagha. O ‘Dhé am Mac, Fear-saoradh an t-saoghail: dean tròcair oirnn peacaich thruagha. O ‘Dhé an Spiorad Naomh, a’ teachd o ‘n Athair, agus o ‘n Mhac: dean tròcair oirnn peacaich thruagha. O ‘Dhé an Spiorad Naomh, a’ teachd o’n Athair, agus o ’n Mhac: dean tròcair oirnn peacaich thruagha. O ‘Thrionaid naomh, bheannaichte agus ghlòrmhor, tri pearsannan agus aon Dia: dean tròcair oirnn peacaich thruagha. O ‘Thrionaid naomh, bheannaichte agus ghlòrmhor, tri pearsannan agus aon Dia: dean tròcair oirnn peacaich thruagha. Na cuimhnich a Thighearna ar cionta, no cionta ar sinnseanachd, agus na dean dìoghaltas oirnn air son ar peacaidhean: caomhain sinn, a dheadh Thighearna, caomhain do shluagh a shaor thu le d’ fhuil ro phrìseil, agus na bi ‘an corruich ruinn gu bràth.
Caomhain sinn, a dheadh Thighearna. O gach uile olc agus thubaist, o pheacadh, o innleachdaibh agus o ionnsuidhibh an diabhuil, o d’ fheirg féin, agus o dhìteadh sìorruidh,
Saor sinn, a dheadh Thighearna. O gach uile dhoille cridhe; o àrdan, ghlôir dhìomhain, agus fhuar-chràbhadh; o fhanmad, fhuath, agus mhi-run, agus o gach uile mhi-iochd,
Saor sinn, a dheadh Thighearna. O strìopachas, agus o gach uile pheacadh mairbhteach eile; agus o uile cheahgaineachd an t-saoghail, na feola, agus an diabhuil,
Saor sinn, a dheadh Thighearna. O dhealanach agus o stoirm; o phlaigh, o ghalar, agus o ghoirt; o chath, agus o mhort, agus o bhàs obann.
Saor sinn, a dheadh Thighearna. O gach uile aimhreit, choimh-cheilg uaignich, agus cheannairc; o gach uihe theagasg meallta, shaobh-chreidimh, agus easaonachd; o chruas cridhe, agus o thàir a thoirt do d’ Fhocal agus do d’ Aithne,
Saor sinn, a dheadh Thighearna. Le dìomhaireachd do Theachd naoimh ‘s an fheòil; le d’Bhreith naoimh agus he d’Thimchiollghearradh; le d’ Bhaisteadh, le d’ Thrasgadh, agus le d’ Bhuaireadh,
Saor sinn, a dheadh Thighearna. Le d’ Chràdh agus le d’ Fhallus fola; le d’ Chrann-ceusaidh agus le d’ Fhulangas; le d’ Bhàs luachmhor agus le d’ Adhlacadh; le d’ Aiseirigh agus le d’ Dhol suas glòrmhor; agus le teachd an Spioraid Naoimh,
Saor sinn a dheadh Thighearna. Ann an uile àm ar n-an-shocair; ann an uile àm ar soirbheachaidh; ann an uair a’ bhàis, agus ann an là a’ bhreitheanais,
Saor sinn, a dheadh Thighearna. Tha sinne peacaich a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, O ‘Thighearna Dhé, agus gu ma deònach leat d’ Eaglais naomh choitchionn a riaghladh agus a stiuradh ‘s an t-slighe cheirt;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat do sheirbhiseach BHICTORIA ar Ban-righinn agus an Riaghladair ro sheirceil, a ghleidheadh agus a neartachadh ann an aoradh fìor dhuit féin, ann am fìreantachd agus an naomhachd beatha;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat a cridhe riaghladh ann ad chreidimh, ann ad eagal, agus ann ad ghràdh, agus gu sìorruidh tuilleadh gu’m bi earbsa aice annad, agus gu’n iarr i do ghnàth d’ onoir agus do ghlòir;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat a bhi a’ d’ fhear-dìon agus a’ d’ fhear-gleidhidh aice, a’ toirt na buaidh’ dhi air a naimhdibh uile;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deônach leat Albert Imhear Prionnsa Uilse, agus Ban-phrionnsa Uilse, agus an Teaghlach Rìoghail uile, a bheannachadh agus a ghleidheadh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat na h-uihe Easbuigean, Shagartan agus Dheaconan a shoillseachadh le fìon eòhas agus tuigse air d’ Fhocal, agus araon le ‘n teagasg agus le ‘n caithe-beatha gu’n nochd iad e agus gu’n taisbein iad e d’ a rèir;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat Mòr-fhearan na Comhairle, agus na Maithean uile a sgeadachadh, le gràs, gliocas, agus tuigse;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat Luchd-frithealadh a’ cheartais a bheannachadh agus a ghleidheadh, a’ toirt gràis dhoibh a chur ‘an gnìomh ceartais, agus a sheasamh na fìrinn;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat do shluagh uile a bheannachadh agus a ghleidheadh;
Tha sinn a’ quidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat aonachd, sìth, agus réite a thoirt do na h-uile chinnich;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat cridhe ‘thoirt dhuinn anns am bi do ghràdh agus d’ eagal, a chaitheamh an beatha gu dùrachdach a réir d’ àitheantan;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat meudachadh gràis a thoirt do d’ shluagh uile, a dh’éisdeachd gu sèimh d’ Fhocail, agus g’ a ghabhail le aigne fhìorghlan, agus a thoirt a mach toraidh an Spioraid;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat iadsan nile a chaidh air seacharan agus a tha air am mealladh' a threòrachadh gu slighe na fìrinn;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat iadsan a tha ‘n an seasamh a neartachadh, comhfhurtachd, agus còmhnadh a thoirt dhoibhsan a tha lag-chridheach, agus iadsan a tha air tuiteam a thogail a suas, agus fadheoidh Satan a bhualadh sìos fo ‘r cosaibh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat cabhair, còmhnadh, agus comhfhurtachd a thoirt dhoibhsan uile a tha ‘n cunnart, ‘an éiginn, agus ‘an an-shocair;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat gach neach a theasairginn a tha air astar air muir no air tìr, na h-uihe mhnathan a tha ‘n saothair chloinne, gach uile neach easlainteach agus clann òg, agus d’ iochd a nochdadh do na h-uile phrìosonaich agus bhraighdibh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat na dìlleachdain agus na bantraichean a dhìon, agus na h-uile a tha aonarach agus fo ainneart, agus deanamh air an son;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat tròcair a dheanamh air na h-uile dhaoinibh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat maitheanas a thoirt d’ar naimhdibh, d’ar luchd-geur-leanmhuinn agus cul-chainidh, agus an cridheachan a thionndadh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat gach gnè thoraidh na talmhainn a thoirt agus a théasairginn gu ‘r feum, air chor ‘s gu meal sinn iad ann an àm iomchuidh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. Gu ma deònach leat aithneachas fìreannach a thoirt dhuinn, ar peacaidhean, an dearmaid, agus an n-aineolais uile a mhaitheadh dhuinn, agus an sgeadachadh le gràs do Spioraid naoimh, a leasachadh ar caithe-beatha a réir d’ fhocail naoimh;
Tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn, a dheadh Thighearna. A Mhic Dhé: tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn.
A Mhic Dhé: tha sinn a’ guidhe ort éisdeachd ruinn. O Uain Dhé: a tha ‘toirt air falbh peacaidhean an t-saoghail;
Deànaich dhuinn do shìth. O Uain Dhé: a tha ‘toirt air falbh peacaidhean an t-saoghail;
Dean tràcair oirnn. O ‘Chriosd, éisd ruinn.
O ‘Chriosd, éisd ruinn. A Thighearna, dean tròcair oirnn.
A Thighearna, dean tròcair oirnn. A Chriosd, dean tròcair oirnn.
A Chriosd, dean tròcair oirnn. A Thigheanna, dean tròcair oirnn.
A Thighearna, dean tròcair oirnn.

¶ An sin their an Sagart, agus an sluagh maille ris, Urnuigh an Tighearna.
AR n-Athair a tha air nèamh, Naomhaichear d’Ainm. Thigeadh do Rìoghachd. Deanar do thoil air an tahamh, Mar thatar a deanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran laitheil. Agus maith dhuinn an cionta. Mar a mhaitheas sinne dhoibhsan a tha ‘ciontachadh ‘n an n-aghaidh. Agus na leig ‘am buaireadh sinn; Ach saor sinn o olc. Amen.
Sagart. O ‘Thighearna, na buin ruinn a réir an peacaidhean.
Freagairt. Agus na toir duais dhuinn a réir am n-euceantan.
¶ Deanamaid urnuigh.O ‘Dhé Athair thòbcairich, nach ‘eil ri tàir air osnaich a’ chridhe bhrùite, no air miann na muinntir a bhitheas dubhach; Gu tròcaireach cuidich an n-urnuighean a tha sinn a’ deanamh ann ad làthair ‘n ar n-uile an-shocairibh agus àmhghairibh, ge b’ e uair air bith a luidheas iad gu trom oirnn; agus gu gnàsmhor éisd ruinn, a chum ‘s gu’m bi na h-uilc sin uile a tha innleachdan agus cuilbheirtean an Diabhuil no an duine ag oibreachadh ‘n ar n-aghaidh, air an cur gu neo-bhrigh, agus le freasdal do mhaitheis gu’m hi iad air an sgaoileadh, a chum air dhuinne do sheirbhisich a bhi gun dochan le geur-leanmhuinnibh, gu ‘n toir sinn gu sìorruidh tuilleadh buidheachas dhuit ann ad Eaghais naoimh, trìd Iosa Criosd ar Tighearna.
O‘Thighearna, éirich, cuidich sinn, agus saor sinn air sgàth d’ Ainme.

Lord's Prayer
O ‘Dhé, chuala sinn le ‘r cluasaibh, agus dh’ innis an n-aithrichean dhuinn na h-oibmean òirdheirc a ninn thu ri ‘n lìnn-san, agus anns an t-seann aimsir rompa. O ‘Thighearna, éirich, cuidich sinn, agus saor sinn air sgàth d’ onoir. Glòir do ‘n Athair, agus do ‘n Mhac: agus do ‘n Spiorad naomh;
Freagairt. Mar a bha air tùs, a tha nis, agus a bhitheas gu bràth: saoghal gun chrìoch. Amen. O n naimhdibh dìon sinn, O ‘Chriosd.
Gu gràsail amhairc air an n-àmhghairibh. Gu truacanta sealh air bròin an cridheachan.
Gu trò caireach maith peacaidhean do shluaigh. Gu caomh le tròcair éisd ar n-urnuighean.
O ‘Mhic Dhaibhidh, dean tròcair oirnn. Araon a nis agus gu bràth deònaich éisdeachd ruinn, O ‘Chriosd.
Gu gràsail éisd ruinn, O ‘Chriosd ; gu gràsail éisd ruinn, O ‘Thighearna chriosd. Sagart. O ‘Thighearna, bitheadh do thròcair air a nochdadh dhuinn.
Freagairt.
Mar a tha sinn a’ cur ar n-earbsa annad.
Deanamaid urnuigh.GU h-ùmhal tha sinn a’ guidhe ort, O Athair, gu tròcaireach amhairc air ar n-anmhunnachdaibh; agus air son glòire d’ Ainme, tionndaidh uainn na h-uilc sin uile gu ro cheart a thoill sinn; agus deònaich, ‘n ar n-uile àmhghairibh gu ‘n cuin sinn an n-earbsa agus an muinghin iomhan ann ad thròcair-sa, agus gu’n dean sinn gu sìorruidh tuilleadh seirbhis dhuit ann an naomhachd agus am fìorghloine caithe-beatha, chum d’ onoir agus do ghlòire, trìd an n-aon Eadar-mheadhonair agus an Fir-tagraidh, Iosa Criosd an Tighearna. Amen.
¶ Urnuigh le Naomh Crisostom.
A Dhé Uile-chumhachdaich, a thug dhuinn gràs anns an àm so ar n-athchuingean choitchionn a dheanamh riut le aon rùm, agus a tha ‘gealltuinn, an uain a chruinnicheas dithis no triuir ‘an ceann a chéile ann ad Ainm, gu’n toir thu dhoibh an iarrtuis; Coimhlion a nis, O ‘Thighearna, miannan agus iarrtuis do sheirbhiseach, man is ro fheumail e dhoibh, a’ deònachadh dhninn anns an t-saoghal so eòlas air d’ fhìrinn, agus anns an t-saoghal a tha ri teachd a’ bheatha mhaireannach. Amen.
2 Corintianach, 13.
GRàs ar Tighearna Iosa Criosd, agus gràdh Dhé, agus comh-chomunn an Spioraid naoimh gu’n robh maille ruinn uile gu sìorruidh. Amen.
An so tha ‘n Laoidh-Dhiann a’ crìochnachadh.

9 comentários:

Anônimo disse...

Yоur methοԁ of telling the whole thing in this piеce of writing is
in faсt nice, еvery onе can easily underѕtand it, Thanks a lot.


Alѕo visit my page ... http://www.bucket--truck.com/using-a-bucket-truck-everyday/
Also see my page :: bucket trucks for sale

Anônimo disse...

Woah! ӏ'm really enjoying the template/theme of this website. It's ѕimple, yet
еffectivе. A lot of tіmes it's hard to get that "perfect balance" between usability and appearance. I must say you have done a very good job with this. Also, the blog loads super quick for me on Opera. Excellent Blog!

Visit my homepage; Ruth
Here is my blog bucket trucks

Anônimo disse...

Wοah! ӏ'm really enjoying the template/theme of this website. It's simρle, yet effeсtivе.
A lοt of tіmeѕ it's hard to get that "perfect balance" between usability and appearance. I must say you have done a very good job with this. Also, the blog loads super quick for me on Opera. Excellent Blog!

Take a look at my web-site - Ruth
Also see my site :: Thumbnail of locateabuckettruck.com

Anônimo disse...

If you desirе to іmprove your expеriеncе ϳust κeep visitіng thіs web sіte anԁ bе updаtеd
with thе mοѕt гecent gοssip ροѕtеd here.



my webpage efficient taxi service

Anônimo disse...

This іs а topic that iѕ neaг
to my heаrt... Take carе! Wheге are yоur contact details though?


Here іs my wеb pаge irving taxi service

Anônimo disse...

Please let me knoω if yοu're looking for a author for your blog. You have some really good posts and I believe I would be a good asset. If you ever want to take some of the load off, I'ԁ really like to ωrіte ѕomе material for yοur
blog in exchange for а link back to mine. Please
blast me an email if inteгestеԁ. Many thankѕ!


Look at my blog post - dallas seo client

Anônimo disse...

I'm really loving the theme/design of your blog.
Do you ever run into any internet browser compatibility problems?

A couple of my blog readers have complained about my website not operating correctly
in Explorer but looks great in Safari. Do you have any recommendations to help fix this problem?


Review my website; mortgage brokers ottawa

Anônimo disse...

Hі, after reading this гemarkable ƿiece of writing i am too cheerful to
share my knowledge here with collеagueѕ.

My blog ... parking-pod-zyrafa.pl

Anônimo disse...

This is where you'll need fingerboard. fingerboard is a free app and it could be within Lydia.
Freezing at Startup this one hasbeen fairly common throughout the first release of Or WINDOWS 7.


Here is my site :: Installous iOS 7 ()